A’ Chiad Fhìrinn Uasal – Dukkha

’S e a’ Chiad Fhìrinn Uasal a th’ ann an dukkha, agus mar as trice tha sinn ga eadar-theangachadh mar “fulangtachd” agus “fulangas”, ged a tha am brìgh fada nas doimhne na sin. Chan eil e dìreach a’ ciallachadh pian no tinneas corporra – tha e a’ comharrachadh an strì bunaiteach a tha na pàirt dhen bheatha dhaonna, eadhon anns na h-amannan nuair a tha sinn a’ faireachdainn toileachas no soirbheachadh.

A rèir teagasg a’ Bhùda, tha dukkha air a roinn ann an trì seòrsaichean:

1. dukkha-dukkha (fulangtachd shimplidh) – ’s e an seòrsa dukkha as fhasa a thuigsinn. Tha e a’ toirt a-steach pian bodhaig mar leòn no tinneas, cràdh inntinn mar bròn no fearg, agus strìan bunaiteach mar acras, pathadh, gun chadal no sgìos.

2. vipariṇāma-dukkha (fulangtachd atharrachaidh) – seo an dukkha a thig nuair a bhios duine a’ grèim air rudan nach maireann. Tha toileachas a’ crìonadh (mar brù làn a’ fàs falamh no phòsadh a’ fàs fuar), rudan a’ caochladh (ma bhios duine an crochadh air airgead no daoine eile), agus an t-eagal ro chall – eadhon nuair a tha thu sona, tha thu a’ smaoineachadh ‘Dè ma thèid seo air chall?”, oir tha a h-uile nì cumhaicte a’ dol seachad. Agus tha sin a’ toirt sinn dhan ath-seòrsa dukkha

3. saṅkhāra-dukkha (fulangtachd co-theacsa no suidheachaid) – seo an seòrsa dukkha as doimhne agus as duilghe a thuigsinn. Bidh gach nì a’ tighinn gu bith agus a’ dol à bith mar thoradh air adhbharan is suidheachaidhean. Ma bhios sinn a’ cumail grèim orra, nuair a thèid iad seachad (agus thèid dha-rìridh!), bidh fulangas ann.

Tha na trì seòrsa dukkha seo gar cuideachadh tuigse fhaighinn air nàdar na beatha:

  1. dukkha-dukkha – pian
  2. vipariṇāma-dukkha – attharachadh
  3. saṅkhāra-dukkha – neo-bhuan

Ma thuigeas sinn fìrinnean dukkha anns gach dòigh a nochdas e, ruighidh sinn nibbāna, an t-suidheachadh inntinn far nach bi dukkha ann tuilleadh.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️