Tha an Dàrna Fìrinn Uasal a’ mìneachadh carson a tha dukkha ag èirigh. ‘S e taṇhā a tha an t-adhbhar. Tha taṇhā a’ ciallachadh ‘pathadh’ gu litireil, ach tha e cuideachd a’ ciallachadh miann, cìocas, agus iarrtas. Anns an Dhammacakkappavattana Sutta (SN 56.11) Thug am Bùda a-mach na trì seòrsaichean de taṇhā:
1. kāma-taṇhā (pathadh ceudfadh): tha e a’ buntainn ris na sia ceudfadhan1A bheil am facal seo air a chleachdadh gu ceart? – sùil, cluas, sròn, teanga, corp, agus inntinn, mar bhith ag iarraidh fuaimean, blasan, no rudan a tha snog ri amharc. Chan eil na rudan ceudfadh seo maireann ann an gin dhiubh, agus sin carson a bheil sinn an-còmhnaidh a’ sìor-phathadh airson barrachd.
2. bhava-taṇhā (pathadh airson bhith beò): tha an seòrsa pathadh seo nas doirbhe a thuigsinn – oir chan eil e mu bhith beò dìreach san t-saoghal seo, ach mu bhith a’ greimeachadh air beatha ann an dòigh uile-choitcheann… mar gum biodh ‘mi’ ann gu bràth, gun robh an ‘mi’ nam sheòrsa de bheathach, anam no brìgh a bha taobh a-muigh ar nàdar corporra agus a mhaireadh às dèidh an t-saoghail seo.
Bruidhnidh sinn aig àm eile mu dheidhinn a’ bheachd ‘mi’… no is fheàrr ràdh, an dìth dheth. Gu leòr a ràdh, tha sinn ag iarraidh beatha a tha nas fhaide na beatha an t-saoghail seo fhèin. ‘S e seòrsa pathadh a th’ ann.
3. vibhava-taṇhā (pathadh airson neo-bhith): seo an aicheadh air bhava-taṇhā, sealladh an t-so-mhìneachaidh: chan eil ach a’ bheatha seo aonar ann, chan eil anam no brìgh ann. Nuair a thig i gu crìoch, bidh an ‘mi’ dìreach a’ sgur bho bhith ann – chan eil e ann idir tuilleadh.
‘S e na trì seòrsa pathadh seo a tha cur ar fulangtachd (dukkha) air adhart. Ach tha dòchas againn fhathast! Nuair a bhios an lèirsinn agus an gliocas againn air dukkha agus taṇhā, agus gan faicinn ann an gnìomh, ‘s e sin a bheir comas dhuinn ar saoradh bhuaipa. Bruidhnidh sinn aig an-ath-thuras mu ghealladh cleachdadh teagasg a’ Bhùda, agus mun dòigh-obrach anns an Treas agus an Ceathramh Fìrinn Uasal.
☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha. ☸️