Nise, tha sinn a’ tionndadh gu Earrann na Còmh-dhùnaidh, ris an canar Earrann na Meòmhrachd cuideachd, a’ tòiseachadh le Dìcheall Ceart (Sammāvāyāma).
Tha “Dìcheall” an seo a’ ciallachadh barrachd air saothair chorporra. Tha e mu shaothair inntinn: an oidhirp a thèid ann gus ar n-inntinn a stiùradh air ais gu ceart air an t-Slighe.
Tha ceithir Dìcheallan Ceart ann:
- bacadh (saṁvara padhāna): a’ cur bacadh air stàitean mì-sona inntinn a tha ri èirigh, mar sannt, fuath, saobh-chràbhachd
- cur às (pahāna padhāna): a’ leigeadh às de stàitean mì-sona inntinn a tha air èirigh
- brosnachadh (bhāvanā padhāna): a’ toirt brosnachadh do stàitean sona inntinn a tha ri èirigh, mar caomh-chàirdeas, còmh-dhùnadh, tuigse
- gleidheadh (anurakkhanā padhāna): a’ cumail suas agus a’ neartachadh stàitean sona inntinn a tha air èirigh
Chan eil na stàitean inntinn a tha liostaichte gu h-iomlan. Mar eisimpleir, airson stàitean mì-sona, faodaidh sinn bròn, frustrachas, iomagain, eadhon inntinn neo-chùramach a chur ris. Agus airson stàitean sona, faodaidh sinn co-fhaireachdainn (karuṇā), caomh-chàirdeas (mettā), dian-ùidh (jhāna), sìth (santi), socair (passaddhi), agus stàitean sona eile a chur ris.
‘S e a’ bheachd iomlan, gum feum sinn ar n-inntinn a thionndadh gu cùramach ri stàitean inntinn sona, gus am bi e comasach dhuinn an ath dhà phàirt den Ochd-shlighe Uasal a choileanadh gu soirbheachail: Mothachailne Ceart (Sammāsati) agus Còmh-dhùnadh Ceart (Sammāsamādhi).
☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️