“Roimhe agus an-dràsta, a mhanaich, chan eil mi a’ cur an cèill ach fulangtachd, agus crìoch air an fhulangtachd.” – Alagaddūpamasutta MN 22
Sīsapāvanasutta SN 56.31
“Aig aon àm, bha am Bùda a’ fuireach ann an Kosambi ann an doire siṁsapa1Dalbergia sissoo, North Indian Rosewood. An uair sin thog am Bùda beagan dhuilleagan siṁsapa na làimh agus thionndaidh e ris na manaich: “Dè ur beachd, a mhanaich, dè as lìonmhoire: na beagan dhuilleagan siṁsapa seo a thog mi nam làimh, no na duilleagan sa doire siṁsapa os ar cionn?”
“A Bhante, ‘s ann beag a tha na duilleagan siṁsapa a thog am Bùda na làimh, ach tha na duilleagan sa doire siṁsapa os ar cionn lìonmhor.”
“Mar an ceudna, a mhanaich, is lìonmhor na nithean a dh’aithnich mi fhèin le fiosrachadh dìreach ach nach do theagaisg mi dhuibh, ach is beag na nithean a theagaisg mi dhuibh. Agus carson, a mhanaich, nach do theagaisg mi na nithean lìonmhor sin? O chionn ‘s nach eil iad feumail, a mhanaich, chan eil iad buntainneach do bhunaithean a’ bheatha naomh, agus chan eil iad a’ treòrachadh gu gràin, gu crìoch, gu sìth, gu fiosrachadh dìreach, gu dùsgadh, gu Nibbāna. Uime sin, cha do theagaisg mi iad.
“Agus dè, a mhanaich, a theagaisg mi? Theagaisg mi: ‘Seo am fulangtachd’; theagaisg mi: ‘Seo tùs an fhulangtachd’; theagaisg mi: ‘Seo crìoch an fhulangtachd’; theagaisg mi: ‘Seo an t-slighe a threòraicheas gu crìoch an fhulangtachd.’ Agus carson, a mhanaich, a theagaisg mi seo? Oir tha seo feumail, tha e buntainneach do bhunaithean a’ bheatha naomh, agus tha e a’ treòrachadh gu gràin de saṁsāra, gu crìoch, gu sìth, gu fiosrachadh dìreach, gu dùsgadh, gu Nibbāna. Uime sin, theagaisg mi seo.
“Air an adhbhar sin, a mhanaich, bu chòir dìcheall a dhèanamh gus tuigse fhaighinn air: ‘Seo am fulangtachd’; ’Seo tùs an fhulangtachd’; ‘Seo crìoch an fhulangtachd’; ‘Seo an t-slighe a threòrachas gu crìoch an fhulangais.’”
☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️