Tha “Dhammadīpa” a’ ciallachadh “Eilean an Dhamma“. ’S e amas a’ bhloga seo a bhith mar aon solas am measg iomadh solas, gus daoine a chuideachadh gus tuigse fhaighinn air an Dhamma, ach tro mheadhan na Gàidhlig.
Oir, ged a tha an Dhamma fìor, tha eadar-theangachaidhean no sgrìobhaidhean mu Bhùdasachd ann an Gàidhlig gann gu leòr. Chan eil iad rim faighinn air loidhne (fhathast!), agus air sgàth ‘s mi fhìn fad às na h-Alba, chan eil comas agam na sgeilpichean leabharlainn a rùrach.
A bharrachd air sin, gun stòr-fhacal Pāḷi/Gàidhlig ro-shuidhichte anns an raon seo, dh’fheumadh taghaidhean a dhèanamh. Tha mi an dòchas gum bi a’ mhòr-chuid dhiubh freagarrach agus ceart gu leòr, ach bidh cuid eile gu cinnteach nam droch roghainnean. Dh’fhaodadh cuid de theirmean atharrachadh bho dhreach na bu tràithe cuideachd, nuair a lorgar facal nas freagarraiche. Co-dhiù, tha seo na dhuilgheadas anns gach obair eadar-theangachaidh, eadhon ann an càraidean cànain a tha nas stèidhichte. Ach, air sgàth an àireamh de phuist, tha e duilich a dhol air ais agus a h-uile facal a cheartachadh.
Gus a dhol an aghaidh na trioblaid seo, tha Faclair Pāḷi Gàidhlig ann a‑nis, far an lorgar an cleachdadh as cumanta.
A dh’aindeoin nan roghainnean fhacal, ‘s e mo dhùrachd as doimhne gun tuig sibh brìgh theagaisg a’ Bhùda agus gun lorg sibh sonas na chleachdadh.
Thathar a ràdh:
“Tha e a’ teagasg Dhamma a tha math aig an toiseach, math sa mheadhan, math aig a’ cheann thall, leis a’ bhrìgh cheart agus ann am faclan ceart.”
…..agus gach mearachd ormsa a thaobh cànain!
☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha. ☸️
Nòta: An dèidh sgrìobhadh, leughadh, agus deasachadh iomadh turas, bheir mi AI a‑steach don phròiseas gus cuideachadh le gràmar gu h‑àraidh, agus le briathrachas gu ìre nas lugha. Cha gabh sinn an‑còmhnaidh ri roghainnean an AI, agus bidh uaireannan argamaidean mu ghràmar againn, ach aig a’ cheann thall, tha mi an dòchas gum bi e comasach dhuibh tuigsinn dè tha ga sgrìobhadh.