Na Còig Cruinneachadhean – Pañcākkhandā

’S e amas teagasg a’ Bhùda saorsa as àirde bho ar cuairtean ath-bhreith leantainneach, no co-dhiù, toileachas anns a’ mhionaid làthaireach seo fhèin. Mu dheireadh thall, ’s e gum faic, gum bi fios againn, agus gun tuig sinn a h-uile nì cumhaicte (sabbe saṅkhārā) a rèir nan trì comharran (tilakkhaṇa): neo-bhuaine (anicca), fulangtachd (dukkha), agus gun fhèin (anatta).

Gu fortanach, chan fheum sinn an aon rathad a-rithist a lorg a fhuair am Bùda fhèin, oir tha e air mapa dhen turas sin fhàgail againn. ‘S e pàirt den mhapa sin sgrùdadh a dhèanamh air na còig cruinneachaidhean (pañcakkhandhā), ‘s e sin, dè a th’ annam-sa.

’S e inntinn ‘s stuth (nāmarūpā) ainm eile air na còig cruinneachaidhean, agus tha iad nam measg stuth (rūpa), agus air an inntinn, anns a bheil ceithir ann: faireachdainn (vedanā), comharrachadh (saññā), eagaran deònach (saṅkhārā), agus fìosraiche (viññāṇa). 

Stuth (rūpa): ’s e ar corp fhèin a th’ ann, agus, gu leudachail, an saoghal corporra mun cuairt oirnn. Ach faodar a mhìneachadh nas mionaidiche fhathast a rèir nan ceithir dùilean mòra (mahābhūtā):

  • talamh (pathavī): cruadhas, maothachd
  • uisge (āpo): taicealachd, lionntachd
  • teine (tejo): teth, fuachd
  • gaoth (vāyo): gluasad, crathadh, criothnachadh

Chan eil na dùilean sin ri tuigsinne gu litireil, ach mar riochdachaidhean de fheartan stutha. Tha na h-eadar-dhealachaidhean seo cudromach nuair a thig e gu bhith ag aithneachadh ar cuirp fhèin. Thèid iad a dheasbad a-rithist san àm ri teachd co-cheangailte ri meòrachadh mothachail.

Faireachdainn (vedanā): tha trì seòrsaichean ann:

  • mì-thlachdmhor (dukkha1Tha Dukkha na theirm aig a bheil ciall fharsaing. Mar a chunnaic sinn roimhe, tha e a’ ciallachadh fulangtachd/fulangas. An seo, tha e a’ ciallachadh pian, gu litireil.)
  • tlachdmhor (sukha)
  • neo-thlachdmhor (adukkham-asukhā).

Tha neo-thlachdmhor air a mhìneachadh nas mionaidiche mar neo-mhì-thlachdmhor-is-neo-thlachdmhor (neither-unpleasant-nor-pleasant); uaireannan air a gairm “faireachdainn neodrach” ris.

Comharrachadh (saññā): ’s e gnìomh comharrachaidh a th’ ann an saññā a’ cur comharra air nì, gus aithneachadh no cuimhneachadh an nì sin a dhèanamh nas fhasa nuair a thig am bunait mothaich na tachairt a-rithist. Tha e na phàirt dhen chuimhne againn.

Eagaran Deònach (saṅkhāra2’S e saṅkhāra aon de na teirmean Pāḷi a tha doirbh eadar-theangachadh gu aon no dhà fhacal. Tha leud a bhrìgh agus a sònrachadh mar theirm feallsanachail a’ feumachdainn mòran mìneachaidh gus na finealachdan a thoirt a-mach. An seo, tha saṅkhārā a’ ciallachadh eagaran deònach, mar gu h-àrd; an àite eile, ’s e “nithean cumhaicte” a th’ ann; agus an àite eile fhathast, ’s e teirm airson kamma roimhe nach eil fòs air abaich.): Gu h-èifeachdach, ’s e seo an t-àite far a bheil rùn (cetanā) a’ “fuireach”, agus tha e ag obair mar cheangal airson stàitean inntinn obrachadh còmhla ann an aird shònraichte.

Fìosraiche (viññāṇa): Gu sìmplidh, ’s e an tè a tha eòlach air an nì. Tha sia gnèithean ann a dh’èirigh: sùil, cluas, sròn, teanga, corp, agus inntinn.

A’ Cur nan Còig Còmhla

Lorg am Bùda nach eil eintiteat sam bith eile idir, anam, brìgh, spiorad, no rud sam bith eile a mhaireas seachad air aon mhionaid, a-muigh nan còig cruinneachaidhean seo. Chan eil ann ach na còig cruinneachaidhean ag èirigh agus a’ dol à bith bho mhionaid gu mionaid mar thoradh air adhbharan agus suidheachaidhean.

Anns na suttas, cleachdaidh am Bùda meatafar carbad: nach gabh carbad a ghairm ach nuair a tha a h-uile pàirt dhen charbad cruinn còmhla; nuair a thèid pàirtean na carbaid a sgaradh agus an cur ann an cruaichean fa-leath, chan eil carbad no “carbad-achd” rim faotainn idir.

‘S e sin a tha am Bùda a’ ciallachadh le gun fhèin (anatta). Chan eil “mi” ann a tha seasmhach. Tha “mi” ann fhad ’s a tha na còig cruinneachaidhean ceangailte ri chèile. Nuair a sgaoileas iad, sgaoileas an “mi” cuideachd.

An urrainn dhuinn an fhaicinn?

Chan fhaic sinn na comharran seo ach tro mheòrachadh mothachail. Tòisichidh sinn an trèanadh mothachail sin le meòrachadh air a’ chorp (kāyānupassanā), a’ leantainn ar n-anail an toiseach, mus gluais sinn gu air adhart gu meòrachadh air faireachdainnean (vedanānupassanā), agus an uair sin air ar n-inntinn fhèin (cittānupassanā), agus mu dheireadh thall air dhamma (dhammanupassanā)3‘S e facal le iomadh ciall a th’ ann an Dhamma. Nuair a sgrìobhar e le “D” mòr, tha e a’ ciallachadh teagasg a’ Bhùda. Nuair a sgrìobhar e le “d” beag, tha e a’ ciallachadh nàdar no ni nàdarra. ‘S e a’ chiad chiall a tha sinn a’ cleachdadh an-seo..

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

  • 1
    Tha Dukkha na theirm aig a bheil ciall fharsaing. Mar a chunnaic sinn roimhe, tha e a’ ciallachadh fulangtachd/fulangas. An seo, tha e a’ ciallachadh pian, gu litireil.
  • 2
    ’S e saṅkhāra aon de na teirmean Pāḷi a tha doirbh eadar-theangachadh gu aon no dhà fhacal. Tha leud a bhrìgh agus a sònrachadh mar theirm feallsanachail a’ feumachdainn mòran mìneachaidh gus na finealachdan a thoirt a-mach. An seo, tha saṅkhārā a’ ciallachadh eagaran deònach, mar gu h-àrd; an àite eile, ’s e “nithean cumhaicte” a th’ ann; agus an àite eile fhathast, ’s e teirm airson kamma roimhe nach eil fòs air abaich.
  • 3
    ‘S e facal le iomadh ciall a th’ ann an Dhamma. Nuair a sgrìobhar e le “D” mòr, tha e a’ ciallachadh teagasg a’ Bhùda. Nuair a sgrìobhar e le “d” beag, tha e a’ ciallachadh nàdar no ni nàdarra. ‘S e a’ chiad chiall a tha sinn a’ cleachdadh an-seo.