Bliadhna Mhath Ùr!
Gum faigh thu toileachas, slàinte, agus sìth inntinn anns a’ bhliadhna ri teachd!
le a’ mhiann mar chumha, thig a’ greim gu bith
Tha am facal upādāna gu tric air eadar-theangachadh mar “attachment” no “clinging” ann am Beurla. Ach, tha na h-eadar-theangachaidhean seo a’ toirt a-mach brìgh nach eil buileach ceart: gum bi rudeigin ann a mhaireas fada gu leòr airson ceangal a chumail ris.
Ach lorg am Bùda gu bheil a h-uile nì neo-bhuana (anatta), chan ann a-mhàin thar ùine, ach bho mhionaid gu mionaid. Mar sin, chan eil e a’ dèanamh ciall idir gum bi sinn a’ ceangal ri rudeigin a tha neo-bhuana nad nàdar ann an oidhirp air sonas buan.
Ann am Beurla, is fheàrr leam an teirm “grasping” oir tha e a’ ciallachadh oidhirp leantainneach airson rudeigin a ghlacadh, ach gun fhìor shoirbheachadh. Ann an Gàidhlig, cleachdaidh mi greim, bhon t-seanfhacail “greim an fhir bhàite air a’ mhaide as caoile”, air sgàth ‘s gum bi e a’ glacadh a’ bhrìgh riatanach gu tur, oidhirp èasgaidh air rud nach maireann a bheir greim.
Tha am Pāli Text Society Dictionary a’ mìneachadh upādāna mar “connadh, solar, uidheamachadh”. Gu sònraichte, tha e a’ ciallachadh connadh a chur ris an teine mhiann, ga neartachadh agus a’ dèanamh air an lasadh a dhòrtadh.
Tha ceithir seòrsaichean upādāna ann:
- greim thlachd nan ceudfaithan (kāmupādāna): greim air nithean bòidheach a thig tro na ceudfathan: seallaidhean, fuaimean, fàilean, blasan, rudan stuthach, agus smuaintean/beachdan/bun-bheachdan.
- greim nam beachd (diṭṭhupādāna): nuair a nochdaidh am facal Pāḷi diṭṭhi leis fhèin, tha e a’ ciallachadh sealladh ceàrr. Tha trì fichead ‘s a dhà dhiubh ann a tha a’ mhòr-chuid air an stèidheachadh air sealladh ceàrr air an “fhèin”1Brahmajālasutta DN 1
- greim deas-ghnàthan (sīlabbatupādāna): ’s e greim a th’ ann an seo anns a chreideas gum faod deas-ghnàthan agus cleachdaidhean, leotha fhèin, leantainn gu glanadh fèin.
- greim a’ creideis ann an fhèin (attavādupādāna): ‘s e an greim seo an creideas gu bheil fèin ann, rud a chunnaic sinn roimhe nach eil ann ach mealladh no bun-bheachd.
le a’ ghreim mar chumha, thig a’ chruth-bhith gu bith
Leis a’ mhiann air a neartachadh, coileanaidh sinn gnìomh deònach (kamma), gu corporra, gu beòil no gu inntinnil. Faodar am pròiseas cruth-bhith (bhava) a roinn ann an dà thaobh:
- pròiseas kamma gnìomhaich (kammabhava): na ìre de bhith-cruthachaidh far am bi an gnìomh deònach (kamma) air a dhèanamh, air a stòradh, agus deiseil airson a thoruig
- pròiseas na h-ath-bhreith (uppattibhava): na ìre de bhith-cruthachaidh far am bi toradh gnìomh deònach air a thoirt gu buil ann an cruth-bhith sònraichte (mar dhuine, deamhan, no dia). Thig buaidh nan gnìomhan deònach a chaidh a dhèanamh roimhe gu buil, a’ dearbhadh ar n-ath-bhreith ann an aon de na trì rìoghachdan:
- raon nan tlachd so-mhaoineach (kāmāvacara)
- raon an t-so-mhaoine shùghaich (rūpāvacara)
- raon neo-mhaoineach (arūpāvacara)
Tha an raon nan tlachd so-mhaoineach (kāmāvacara) a’ gabhail a-steach beathaichean agus daoine, a bharrachd air Ifrinn (Niraya), Taibhsean Acrach (Peta), agus Titain (Asurā). Buinidh an dà fhear mu dheireadh do choileanadh nan sùghadh (jhāna), agus tha iad ann an rìoghachdan nèamhaidh agus thaitneach.
Anns a’ phost deireannach an t-seachdain sa tighinn, chì sinn mar a bhios cruth-bhith a’ cumhachadh èirigh breith, aoiseadh agus bàis, a bharrachd air am fulangas a leanas.
☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️