Maṅgalasuttaṁ Sn 2.4 – An Sutta Beannachd

’S e Maṅgala Sutta aon de na suttā eile as ainmeile agus as mòr-chòrdte ann am Bùdasachd Theravāda. Còmhla ris an Metta Sutta a chaidh eadar-theangachadh roimhe, ’s e seo aon de na paritta, na suttā dìon a thathar a’ cleachdadh ann an traidisean Theravāda.

Tha am Maṅgala Sutta a’ toirt seachad liosta de 38 deagh bheannachd. Chan e beannachdan diadhaidh a th’ annta, agus chan eil Gnìomhair no Eintiteas air an taobh a‑muigh a bheir seachad na beannachdan sin; ‘s e eadar-dhealachadh glè chudromach a tha seo. ‘S iad dòighean-beatha agus staidean inntinn a tha a’ leantainn gu sonas agus soirbheachas anns a’ bheatha seo agus an ath-bheatha.

A rèir an tradaisein, chaidh faighneachd dhan Bhùda: “Dè am beannachd as àirde?” Bha daoine air iomradh a chluinntinn mu bheannachdan bho dhiofar thidsearan, ach bha iad airson faighinn a-mach dè a bha fìor mhath a rèir a’ Bhùda.

’S e freagairt a’ Bhùda liosta a tha a’ tòiseachadh le rudan sìmplidh, làitheil: a bhith a’ seachnadh nan amadan, a’ dol a chòmhnaidh ri daoine glice, agus a’ toirt urram dhaibhsan a tha airidh air urram. An uair sin, tha e a’ dol air adhart gu bhith a’ fuireach ann an àite iomchaidh, a bhith air deagh ghnìomhan a dhèanamh roimhe, agus a bhith a’ cur fhèin air an t-Slighe cheart.

Tha an sutta a’ còmhdach gach taobh de bheatha: teaghlach (a’ toirt taic dha athair is màthair, a’ gabhail mu do mhnaoi is do mhac), obair (obair a tha comasach, gun chron), agus cleachdadh spioradail (fialachd, giùlan beusanta, a’ toirt taic do chàirdean, agus gnìomh neo-chronach).

Aig ìre nas doimhne, tha e a’ bruidhinn air foighidinn, sùbailteachd, a’ faicinn nam Fìrinnean Uaisle, agus a’ faighinn eòlas air Nibbāna. ’S e sin a’ bheannachd as àirde, a rèir a’ Bhùda: inntinn nach eil air a bhuaireadh nuair a choinnicheas i ri nithean an t-saoghail.

Dè na “nìthean” seo? ’S iad na lokadhamma na h‑ochd nìthean an t‑saoghail a bheir buaidh air a h‑uile duine. Tha iad air an roinn ann an ceithir paidhrichean de chàraidean: buannachd is call (lābha, alābha), cliù is droch-chliù (yaso, ayaso), coire is moladh (nindā, pasaṁsā), agus sonas is fulangas (sukha, dukkha). Tha am Bùda a’ teagasg gum bi a h‑uile duine a’ coinneachadh ris na h‑ochd nithean seo, ge bith cò iad. ’S e gliocas a th’ ann a bhith gan aithneachadh mar phàirt nàdarra de bheatha, gun a bhith gan iarraidh no gan diùltadh, agus gun leigeil leotha ar n‑inntinn a ghluasad. Nuair a thig buannachd, cliù, moladh, no sonas, chan eil sinn a’ dol an sàs annta; nuair a thig call, droch-chliù, coire, no fulangas, cha ghluaiseas sinn riutha. Le rèidh-inntinn (upekkhā) a dh’ionnsaigh nan lokadhamma, fuirichidh sinn gun cheangal agus gun fhulangas.

’S e rud a th’ anns an Maṅgala Sutta a tha freagarrach dha gach duine, ge bith an e manach no neach-na-tìre a th’ annta. Nochdaidh e nach eil an t-Slighe Bùdach dìreach mu dheidhinn teòiridh agus meòrachadh, ach cuideachd mu bhith a’ fuireach ann an dòigh a tha ciallach, beusanta, agus co-chòrdail ris an fheadhainn eile.

Mar a thuirt am Bùda aig deireadh an t-sutta:

“An dèidh na nithean seo a dhèanamh,
gun bhuadhaicheas orra an àite sam bith.
Ge bith càite an tèid iad, tha iad sàbhailte –
dhaibhsan ‘s e sin am beannachd as àirde.”

Maṅgalasuttaṁ Sn 2.4

Mar a chuala mi: aig aon àm bha am Fear-Saora a’ fuireach faisg air Sāvatthi, ann am pàirc Anāthapiṇḍika ann an coille Jetavana. An uair sin, aig deireadh na h‑oidhche, thàinig deithe sònraichte, le bòidhchead a’ lasadh suas Jetavana gu lèir, a dh’ionnsaigh an Fhear-Saora. Nuair a ràinig e, rinn e ùmhlachd dha agus sheas e an aon taobh. Na sheasamh an sin, dh’aithris an deithe seo rann ris an Fhear-Saora:

“Tha mòran dhiathan is dhaoine
air smaoineachadh air na beannachdan,
a’ cur an dòchas air sàbhailteachd:
a‑nis innis dhuinn dè am beannachd as àirde.”

“Sgaradh ri amadan,
a’ dol a chòmhnaidh ris na daoine glice,
a’ toirt urram dhaibhsan a tha airidh air urram –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“A’ fuireach ann an àite iomchaidh,
air deagh ghnìomhan a dhèanamh roimhe,
an rùn ceart agad fhèin –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“A bhith ionnsaichte agus obair-beatha agad,
a bhith smachdail agus air deagh thrèanadh,
agus ge bith dè na faclan a tha air an deagh labhairt –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“A’ toirt taic dha athair is màthair,
a’ gabhail mu do mhnaoi is do mhac,
obair gun sàrachadh –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“Fialachd, a’ fuireach a rèir an Dhamma,
a’ toirt taic do charaidean,
agus gnìomhan a tha gun chron –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“A’ seachnadh olc, ga dhiùltadh,
a’ staonadh bho dheoch làidir,
a’ cumail rabhadh anns na rudan inntinnidh –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“Urram agus irioslachd,
riarachadh agus taingealachd,
a’ cluintinn ris an Dhamma aig an àm iomchaidh –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“Foighidneach agus sùbailteachd,
a’ faicinn chruaidh-chràbhach,
a’ deasbad an Dhamma aig an àm iomchaidh –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“Cruaidh-chràbhadh agus beatha naomh,
lèirsinn a‑steach do na Fìrinnean Uaisle,
agus Nibbāna fhaighinn –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“An neach nach gluaiseas inntinn,
nuair a bhuaileas nithean an t‑saoghail e,
gun bhròn, gun thruailleadh, agus sàbhailte –
‘s e sin am beannachd as àirde.

“An dèidh na nithean seo a dhèanamh,
gun bhuadhaicheas orra an àite sam bith.
Ge bith càite an tèid iad, tha iad sàbhailte –
dhaibhsan ‘s e sin am beannachd as àirde.”

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

Mettasuttaṁ Sn 1.8 – An Sutta Caomh-Chàirdeas

’S e seo a’ chiad sutta a dh’ionnsaich mi a sheinn1“chant” ann am Beurla. Dè am facal Gàidhlig airson “chant”? Crònan? an dèidh dhomh òrdachadh fhaighinn. Saoilidh mi gun gabhainn e air ais is air adhart às dèidh cho tric ’s a sheinn mi e thar nam bliadhna!

’S e aon de na paritta a th’ann. ’S e paritta2dìon no dìonadh suttā a thathar a’ cleachdadh airson dìon spioradail, gus cron a sheachnadh agus sìth a thoirt don inntinn. Thathar gan seinn gu tric ann am Bùdasachd Theravāda, gu h‑àraidh aig amannan duilich no nuair a tha feum air sochair.

Mus tòisich sinn air mettā a dheasbad, bu chòir dhuinn na brahmavihāra a thoirt a‑steach. ’S e na ceithir staidean inntinn seo a tha am Bùda a’ moladh mar an dòigh as àirde a bhith beò anns an t-saoghal. Tha vihāra a’ ciallachadh “àite-còmhnaidh”, agus “àrd” no “naomh” a th’ ann am brahma, ’s e sin, an dòigh a bhios an fheadhainn a tha air an t‑Slighe a choiseachd a’ fuireach nuair a tha an inntinn air a leasachadh gu ìre àrd. Na ceithir: caomh-chàirdeas (mettā), co-fhaireachdainn (karuṇā), co-aoibhneas (muditā), agus rèidh-inntinn (upekkhā).

Nuair a tha ar n‑inntinn làn de na ceithir buadhan sin, thathar ag ràdh gu bheil ar n‑inntinn a’ fuireach ann an àite-còmhnaidh naomh, agus chan èirich staidean mì-shona na h‑inntinn (sannt, fuath, ceàrr-thuigsinn); cho mòr ’s a tha an sonas a bheir iad.

’S e a’ bhunait agus a’ chiad dhiubh sin caomh-chàirdeas. Chan e dìreach a bhith càirdeil a th’ ann, ach inntinn a tha ag iarraidh math is sonas do chàich gun bhacadh. Tha i gun chumha agus a’ dol thairis air gràdh pearsanta, agus chan eil eadar-dhealaichte eadar caraidean is nàimhdean ann idir. Mar a thuirt am Bùda:

“Mar a dhìonadh màthair a mac,
a h‑aon mhac, le a beatha fhèin,
mar sin airson gach bith bu chòir dha inntinn
gun chrìoch de chaomh-chàirdeas a leasachadh.”

Ann an cleachdadh meòrachaidh caomh-chàirdeas3mettābhāvanā: leasachadh caomh-chàirdeas, tòisichidh sinn le bhith a’ sgaoileadh ar caomh-chàirdeis gun chumha a dh’ionnsaigh an fheadhainn as dlùithe dhuinn, agus an uair sin leudaichidh sinn an cearcall gus a bhith a’ gabhail a‑steach bithean a tha nas fhaide bhuainn. Mar an ceum mu dheireadh, tionndaidhidh sinn caomh-chàirdeas a dh’ionnsaigh ar nàmhaid, cuideigin ris a bheil fearg oirnn no aig a bheil fuath oirnn, no cuideigin a rinn eucoir air choireigin dhuinn.

Sin fìor chruaidh-dheuchainn ar caomh-chàirdeis. Agus ’s dòcha gur i an tè as duilghe a ruigsinn. Tha e gu math furasta “gràdh” a bhith againn dhaibhsan as toil leinn, ach dhaibhsan nach toil leinne… uill, ’s e sin caomh-chàirdeas.

Ann an traidisean Theravāda, thathar a’ cleachdadh caomh-chàirdeas mar inneal gus a dhol an aghaidh fuath is nàimhdeas, gus ar n‑inntinn ullachadh airson leasachadh, agus mu dheireadh mar chuspair meòrachaidh gus lèirsinn fhaighinn air neo-bhuan (anicca), fulangachd (dukkha), agus gun fhèin (anatta). Oir tha eadhon nàdar caomh-chàirdeis neo-bhuan (anicca), fulangachd (dukkha), agus gun fhèin (anatta).

Anns an t-saoghal an-diugh, leis na trioblaidean is am fulangas seo uile mun cuairt oirnn, tha e gu math duilich mettā a chleachdadh. Agus cuideachd, tha mettā gabhaltach, eadhan ged a leasaicheas e dìreach an saoghal beag mun cuairt oirnn, tha am beagan sonas sin fada na b’ fheàrr na a bhith a’ cogaill teine fuath is nàimhdeis.

Mettasuttaṁ Sn 1.8

“Le cumhachd an t‑seo,
chan fhaic na yakkha4ainm air cuid de chreutairean nach eil daonna: spioradan, maraisgean, machaill-monaidh, taibhsean, èisg-taibhse, msaa eagalach,
agus leis a’ chumhachd seo,
gun sgìos, a latha is a dh’oidhche.

“Gun tèid e na thàmh gu sàmhach,
agus chan fhaic e droch‑aisling;
Le na buadhan seo agus feadhainn eile,
canamaid an dìon seo5Tha a’ chiad dà rann air an seinn anns an eagran Burmais. Bidh feadhainn eile a’ tòiseachadh an seinn leis an ath rann..

“Na bu chòir a dhèanamh
leis an fheadhainn a tha eòlach air math,
a tha air faighinn gu sìth:
bu chòir dha bhith comasach, dìreach, agus treibhdhireach,
furasta bruidhinn ris, ciùin, gun uaill.

“Toilichte le beagan, furasta a thaic,
gun iomagain, agus beag air a bheatha,
le sìth air na mothachaidhean, modhail,
gun bheadas, agus gun sannt am measg nan teaghlaichean,

“Na dèanadh e eadhon an rud beag as lugha
a bheireadh daoine glic orra a chàineadh air a shon.
“Gum biodh gach bith sona agus sàbhailte,
gum biodh gach bith toilichte nan cridhe fhèin!”

“Ge bith dè na bithean anail a th’ ann –
a tha a’ crith, seasmhach, no bithean sam bith eile,
ge bith an fada no mòr iad,
meadhanach, goirid, beag bìodach, no làidir nan corp,

“An fheadhainn a chithear, agus an fheadhainn nach fhaicear,
an fheadhainn a tha beò fad air falbh, an fheadhainn a tha faisg,
an fheadhainn a rugadh, agus an fheadhainn a tha fhathast ri breith –
gum biodh gach bith toilichte nan cridhe fhèin!”

“Na mealladh duine neach eile,
na dèanadh e tàir air neach sam bith ge bith càite am bi iad,
na miannaicheadh e fulangas do neach eile
air sgàth fearg no fuath.

“Mar a dhìonadh màthair a mac,
a h‑aon mhac, le a beatha fhèin,
mar sin airson gach bith bu chòir dha inntinn
gun chrìoch de chaomh-chàirdeas a leasachadh.

“Airson an t‑saoghail fharsaing gu lèir
bu chòir dha inntinn
gun chrìoch de chaomh-chàirdeas a leasachadh,
gu h‑àrd, gu h‑ìosal, agus tro mheadhan,
gun bhacadh, gun fhuath, gun nàmhaid.

“Seasamh, coiseachd, suidhe, laighe,
fhad ‘s a tha e saor bho mharbhantachd,
bu chòir dha a bhith daingeann anns a’ mhothachadh,
oir seo, tha iad ag ràdh, an fhìor bheatha spioradail.

“Gun a bhith a’ tilleadh gu droch bheachdan,
beusach, agus le fìor lèirsinn,
an dèidh gach sannt airson tlachdan nam mothachaidhean a leigeil seachad,
cha till e gu broinn a‑rithist.”

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

  • 1
    “chant” ann am Beurla. Dè am facal Gàidhlig airson “chant”? Crònan?
  • 2
    dìon no dìonadh
  • 3
    mettābhāvanā: leasachadh caomh-chàirdeas
  • 4
    ainm air cuid de chreutairean nach eil daonna: spioradan, maraisgean, machaill-monaidh, taibhsean, èisg-taibhse, msaa
  • 5
    Tha a’ chiad dà rann air an seinn anns an eagran Burmais. Bidh feadhainn eile a’ tòiseachadh an seinn leis an ath rann.