Ann am pàirt 3, nì sinn sgrùdadh air na sia bunaitean mothaich (saḷāyatanā) agus an co-thadhal (phassa).
“le an inntinn ‘s stuth mar chumha, thig na sia bunaitean mothaich gu bith”
Sia bunaitean mothaich (saḷāyatanā)
Gheibhear iomlanachd ar n-eòlas air an t-saoghal tro na sia bunaitean mothaich: sùil, cluas, sròn, teanga, corp, agus inntinn. Tha a’ chumha seo a’ buntainn ri comas-faire nan sia bunaitean mothaich, ‘s e sin, an comas faicinn, cluinntinn, fàileachd, blasad, beanail, agus smaoineachaidh, fhad ‘s a tha na buill-bodhaig fhèin nam pàirt de inntinn ‘s stuth (nāmarūpa).
Tha na rudan bunait mothaich air an tuigsinn sa chumha seo cuideachd: rud fradhairc, rud fuaimneach, rud fàileachd, rud blasda, rud beanailteach, agus rud inntinnidh, agus nuair a thig na bunaitean mothaich còmhla ris na rudan fa-leth aca fhèin….
“le na sia bunaitean mothaich mar chumha, thig an co-thadhal gu bith”
…bidh co-thadhal (phassa) ann.
‘S e cumha an toradh a th’ ann an co-thadhal (phassa) a thig bho choinneamh bunait na mothaich ris an rud fa-leth aice.
- Nuair a choinnicheas an t-sùil ri rud fradhairc…
- Nuair a choinnicheas a’ chluas ri rud fuaimneach…
- Nuair a choinnicheas an t-sròn ri rud fàileachd…
- Nuair a choinnicheas an teanga ri rud blasda…
- Nuair a choinnicheas a’ chorp ri rud beanailteach…
- Nuair a choinnicheas an t-inntinn ri rud inntinnidh….
…canar co-thadhal ris a’ choinneamh sin.
Ged a tha e cho follaiseach ‘s a ghabhas, mura coinnich a’ bhunait mhothaich ris an rud fa-leth aice, chan eil co-thadhal ann, agus chan eil comharrachadh air an rud ann. ‘S e sin ag ràdh, cha fhaic sinn, cha chluinn sinn, cha fhàileach sinn, cha blais sinn, cha fhaireach sinn nì sam bith nar cuirp, agus cha smaoinich sinn.
San ath phost, bheir sinn sùil air mar a tha co-thadhal (phassa) na chumha airson èirigh faireachdainn (vedanā).
☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️