Èirigh an Lùib Chumhaichean – Mìneachadh na Cumhaichean – Pt 4

“le an co-thadhal mar chumha, thig am faireachdainn gu bith”

Nuair a thig na sia bunaitean mothaich (saḷāyatanā) còmhla rin rudan fa-leth, bidh co-thadhal (phassa) ann. Canar faireachdainn (vedanā) ris an ath-bhualadh no clàradh sin, agus tha trì seòrsaichean ann:

  • mì-thlachdmhor (dukkha)
  • tlachdmhor (sukha)
  • neo-mhì-thlachdmhor-is-neo-thlachdmhor (adukkhamasukha)

Tha e glè chudromach a thoirt fa-near nach eil iad a’ toirt iomradh air gluasadan-inntinn no tòcaidhean, ach clàradh a’ bhuaidh a nì rudan air a bunaitean mothaich fhèin a-mhàin. A rèir a’ Bhùda, tha tòcaidhean nam measgachan iom-fhillte dhe na tha aithnichte mar fhactaran inntinn (cetasikā), ach cha tèid sinn a-steach dhaibh an-diugh.

Gus seo a dhèanamh nas soilleire:

  • nuair a nì bunait na sùla co-thadhal ri rud fradhairc grànda, èiridh faireachdainn mhì-thlachdmhor (dukkhavedanā)
  • nuair a nì bunait na sùla co-thadhal ri rud fradhairc bòidheach, èiridh faireachdainn thlachdmhor (sukhavedanā)
  • nuair a tha clàradh an rud air a bunait mothaich fa-leth cha mhòr do-ruigsinneach, èiridh faireachdainn neo-mhì-thlachdmhor-is-neo-thlachdmhor (adukkhamasukhavedanā), theirte “faireachdainn neodrach” ris uaireannan.

Tha an aon rud fìor airson nam bunaitean mothaich eile:

  • nuair a thig bunait mothaich na cluaise còmhla ri rud fuaimnich…
  • nuair a thig bunait mothaich an t-sròine còmhla ri rud fàileachd…
  • nuair a thig bunait mothaich na teanga còmhla ri rud blasda…
  • nuair a thig bunait mothaich a’ chuirp còmhla ri rud beanailteach…
  • nuair a thig bunait mothaich na h-inntinn còmhla ri rud inntinnidh…

…..èiridh faireachdainn a rèir buaidh an rud.

Cuir nad inntinn loch ciùin. Ma thuiteas clach bheag ann, nochdaidh tuinn bheaga; ma thuiteas ulbhag mhòr ann, nochdaidh tonnan mòra. Ma bhios iasg a’ snàmh ann no ma bhios am biastag a’ sgìobadh air, bidh gluasad air choreigin ann a rèir meud a’ bhuaidh. Aig an ìre seo, chan eil sinn a’ bruidhinn air na tonnan a tha bòidheach no grànda no air a bheil sinn dèidheil orra no nach eil. Chan eil an gluasad a’ riochdachadh ach clàradh an rud air an uisge.

Ged a tha am meatafar seo a’ briseadh gu furasta le sgrùdadh mionaideach, tha e a’ nochdadh beagan mar a thig am faireachdainn gu bith mar thoradh air coinneamh bunait mothaich ris an rud fa-leth.

“le am faireachdainn mar chumha, thig a’ mhiann gu bith”

Gu litireil, tha taṇhā a’ ciallachadh “pathadh”, ach tha am facal a’ toirt a-steach cuideachd miann, sannt, acras, iarrtas, ‘s dòcha gach seòrsa de “miann” ann. Tha na trì seòrsaichean de taṇhā air am mìneachadh anns a’ phost seo, agus chì sinn an seo mar a tha e ag obair ann an sreath nan adhbharan:

  • nuair a thig faireachdainn thlachdmhor gu bith, èiridh am miann airson barrachd tlachdmhorachd
  • nuair a thig faireachdainn mhì-thlachdmhor gu bith, èiridh am miann airson an fhaireachdainn mhì-thlachdmhòir sin falbh, no airson atharrachadh gu tlachdmhorachd
  • leis gu bheil neo-mhì-thlachdmhor-is-neo-thlachdmhor cho soilleir mì-thlachdmhor, èiridh am miann airson barrachd den “neo-mhì-thlachdmhorachd” seo.

‘S e am miann a tha gar sparradh air leantainn rudan ion-mhiannaichte, agus a bhith air mhiann airson rudan mì-thlachdmhor a dhol à bith no an teicheadh, a tha na fhreumh ar fulangtachd (dukkha). ‘S e roghainn chogaisich a th’ ann am miann, chan e rud a thig gu fèin-ghluasadach. Gu h-èifeachdach, tha sinn a’ TAGHADH fulangas! Nach eil sin caran neònach?! Ach tha gealladh a’ Bhùda ann gum urrainn dhuinn na roghainnean sin a sheachnadh gus an cuir sinn às don chuairt de fhuilangtachd.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

Èirigh an Lùib Chumhaichean – Mìneachadh na Cumhaichean – Pt 3

Ann am pàirt 3, nì sinn sgrùdadh air na sia bunaitean mothaich (saḷāyatanā) agus an co-thadhal (phassa).

“le an inntinn ‘s stuth mar chumha, thig na sia bunaitean mothaich gu bith”

Sia bunaitean mothaich (saḷāyatanā)

Gheibhear iomlanachd ar n-eòlas air an t-saoghal tro na sia bunaitean mothaich: sùil, cluas, sròn, teanga, corp, agus inntinn. Tha a’ chumha seo a’ buntainn ri comas-faire nan sia bunaitean mothaich, ‘s e sin, an comas faicinn, cluinntinn, fàileachd, blasad, beanail, agus smaoineachaidh, fhad ‘s a tha na buill-bodhaig fhèin nam pàirt de inntinn ‘s stuth (nāmarūpa).

Tha na rudan bunait mothaich air an tuigsinn sa chumha seo cuideachd: rud fradhairc, rud fuaimneach, rud fàileachd, rud blasda, rud beanailteach, agus rud inntinnidh, agus nuair a thig na bunaitean mothaich còmhla ris na rudan fa-leth aca fhèin….

“le na sia bunaitean mothaich mar chumha, thig an co-thadhal gu bith”

…bidh co-thadhal (phassa) ann.

‘S e cumha an toradh a th’ ann an co-thadhal (phassa) a thig bho choinneamh bunait na mothaich ris an rud fa-leth aice.

  • Nuair a choinnicheas an t-sùil ri rud fradhairc…
  • Nuair a choinnicheas a’ chluas ri rud fuaimneach…
  • Nuair a choinnicheas an t-sròn ri rud fàileachd…
  • Nuair a choinnicheas an teanga ri rud blasda…
  • Nuair a choinnicheas a’ chorp ri rud beanailteach…
  • Nuair a choinnicheas an t-inntinn ri rud inntinnidh….

…canar co-thadhal ris a’ choinneamh sin.

Ged a tha e cho follaiseach ‘s a ghabhas, mura coinnich a’ bhunait mhothaich ris an rud fa-leth aice, chan eil co-thadhal ann, agus chan eil comharrachadh air an rud ann. ‘S e sin ag ràdh, cha fhaic sinn, cha chluinn sinn, cha fhàileach sinn, cha blais sinn, cha fhaireach sinn nì sam bith nar cuirp, agus cha smaoinich sinn.

San ath phost, bheir sinn sùil air mar a tha co-thadhal (phassa) na chumha airson èirigh faireachdainn (vedanā).

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️