An Treas ‘s An Ceathramh Fìrinn Uasal – Nirodha agus Magga

An Treas Fìrinn Uasal

Tha an fhìrinn seo na gealltanas mòr: gur urrainn dhuinn saorsa bho fhulangtachd (dukkha) fhaighinn. Chan eil e dìreach a’ dol seachad le àm ach tha e a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn cuir às don dukkha gu tur. ‘S e nirodha a th’ ann: sgur agus ceasachadh dhen fhulangtachd a bheir seachad sìth is fois-inntinn dhaorach.

An Ceathramh Fìrinn Uasal

Agus ciamar a lorgas sinn an sgur seo, an fois-inntinn seo, an t-socair seo? Tha am freagairt a’ tighinn tro Cheathramh Fìrinn Uasal (magga), a canar ris an t-Ochd-shlighe Uasal (aṭṭhaṅgiko maggo), far a bheil am Bùda a’ mìneachadh dhuinn an dòigh practaigeach air ar stiùreadh gu dùsgadh (nibbāna).

Tha an t-Ochd-shlighe Uasal air a dèanamh suas de ochd pàirtean, mar a leanas:

  1. Sealladh Ceart (Sammādiṭṭhi)
  2. Rùn Ceart (Sammāsaṅkappa)
  3. Cainnt Chòir (Sammāvācā)
  4. Gnìomh Còir (Sammākammanta)
  5. Cosnadh Còir (Sammāājīva)
  6. Dìcheall Ceart (Sammāvāyāma)
  7. Mothachailne Cheart (Sammāsati)
  8. Còmh-dhùnadh Ceart (Sammāsamādhi)

Faodar an t-Slighe a roinn ann an trì earrannan cuideachd, far a bheil na h-ochd pàirtean a’ tuiteam: Earrann na Gliocais (paññākkhandha – pàirtean 1, 2), Earrann a’ Ghiùlain Eitigich (sīlakkhandha – pàirtean 3, 4, 5), agus Earrann a’ Chòmh-dhùnadh (samādhikkhandha – pàirtean 6, 7, 8).

Thèid sgrùdadh nas mionaidiche a thoirt air gach pàirt san àm ri teachd. Ach sa chumantas, mar a thòisicheas sinn air an t-Slighe? Tòisichidh sinn le tuigse cheart air a’ Dhamma agus an rùn làidir gu obrachadh air ar n-inntinn. An uair sin, glanaidh sinn ar n-ghnìomhan – ar cainnt is ar giùlan – agus cruthaichidh sin raon torrach far am bi comas againn ar n-inntinn fhèin àiteachadh, mar gharradh.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

 

An Dàrna Fìrinn Uasal – Samudaya

Tha an Dàrna Fìrinn Uasal a’ mìneachadh carson a tha dukkha ag èirigh. ‘S e taṇhā a tha an t-adhbhar. Tha taṇhā a’ ciallachadh ‘pathadh’ gu litireil, ach tha e cuideachd a’ ciallachadh miann, cìocas, agus iarrtas. Anns an Dhammacakkappavattana Sutta (SN 56.11) Thug am Bùda a-mach na trì seòrsaichean de taṇhā:

1. kāma-taṇhā (pathadh ceudfadh): tha e a’ buntainn ris na sia ceudfadhan1A bheil am facal seo air a chleachdadh gu ceart? – sùil, cluas, sròn, teanga, corp, agus inntinn, mar bhith ag iarraidh fuaimean, blasan, no rudan a tha snog ri amharc. Chan eil na rudan ceudfadh seo maireann ann an gin dhiubh, agus sin carson a bheil sinn an-còmhnaidh a’ sìor-phathadh airson barrachd.

2. bhava-taṇhā (pathadh airson bhith beò): tha an seòrsa pathadh seo nas doirbhe a thuigsinn – oir chan eil e mu bhith beò dìreach san t-saoghal seo, ach mu bhith a’ greimeachadh air beatha ann an dòigh uile-choitcheann… mar gum biodh ‘mi’ ann gu bràth, gun robh an ‘mi’ nam sheòrsa de bheathach, anam no brìgh a bha taobh a-muigh ar nàdar corporra agus a mhaireadh às dèidh an t-saoghail seo.

Bruidhnidh sinn aig àm eile mu dheidhinn a’ bheachd ‘mi’… no is fheàrr ràdh, an dìth dheth. Gu leòr a ràdh, tha sinn ag iarraidh beatha a tha nas fhaide na beatha an t-saoghail seo fhèin. ‘S e seòrsa pathadh a th’ ann.

3. vibhava-taṇhā (pathadh airson neo-bhith): seo an aicheadh air bhava-taṇhā, sealladh an t-so-mhìneachaidh: chan eil ach a’ bheatha seo aonar ann, chan eil anam no brìgh ann. Nuair a thig i gu crìoch, bidh an ‘mi’ dìreach a’ sgur bho bhith ann – chan eil e ann idir tuilleadh.

‘S e na trì seòrsa pathadh seo a tha cur ar fulangtachd (dukkha) air adhart. Ach tha dòchas againn fhathast! Nuair a bhios an lèirsinn agus an gliocas againn air dukkha agus taṇhā, agus gan faicinn ann an gnìomh, ‘s e sin a bheir comas dhuinn ar saoradh bhuaipa. Bruidhnidh sinn aig an-ath-thuras mu ghealladh cleachdadh teagasg a’ Bhùda, agus mun dòigh-obrach anns an Treas agus an Ceathramh Fìrinn Uasal.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha. ☸️

  • 1
    A bheil am facal seo air a chleachdadh gu ceart?

A’ Chiad Fhìrinn Uasal – Dukkha

’S e a’ Chiad Fhìrinn Uasal a th’ ann an dukkha, agus mar as trice tha sinn ga eadar-theangachadh mar “fulangtachd” agus “fulangas”, ged a tha am brìgh fada nas doimhne na sin. Chan eil e dìreach a’ ciallachadh pian no tinneas corporra – tha e a’ comharrachadh an strì bunaiteach a tha na pàirt dhen bheatha dhaonna, eadhon anns na h-amannan nuair a tha sinn a’ faireachdainn toileachas no soirbheachadh.

A rèir teagasg a’ Bhùda, tha dukkha air a roinn ann an trì seòrsaichean:

1. dukkha-dukkha (fulangtachd shimplidh) – ’s e an seòrsa dukkha as fhasa a thuigsinn. Tha e a’ toirt a-steach pian bodhaig mar leòn no tinneas, cràdh inntinn mar bròn no fearg, agus strìan bunaiteach mar acras, pathadh, gun chadal no sgìos.

2. vipariṇāma-dukkha (fulangtachd atharrachaidh) – seo an dukkha a thig nuair a bhios duine a’ grèim air rudan nach maireann. Tha toileachas a’ crìonadh (mar brù làn a’ fàs falamh no phòsadh a’ fàs fuar), rudan a’ caochladh (ma bhios duine an crochadh air airgead no daoine eile), agus an t-eagal ro chall – eadhon nuair a tha thu sona, tha thu a’ smaoineachadh ‘Dè ma thèid seo air chall?”, oir tha a h-uile nì cumhaicte a’ dol seachad. Agus tha sin a’ toirt sinn dhan ath-seòrsa dukkha

3. saṅkhāra-dukkha (fulangtachd co-theacsa no suidheachaid) – seo an seòrsa dukkha as doimhne agus as duilghe a thuigsinn. Bidh gach nì a’ tighinn gu bith agus a’ dol à bith mar thoradh air adhbharan is suidheachaidhean. Ma bhios sinn a’ cumail grèim orra, nuair a thèid iad seachad (agus thèid dha-rìridh!), bidh fulangas ann.

Tha na trì seòrsa dukkha seo gar cuideachadh tuigse fhaighinn air nàdar na beatha:

  1. dukkha-dukkha – pian
  2. vipariṇāma-dukkha – attharachadh
  3. saṅkhāra-dukkha – neo-bhuan

Ma thuigeas sinn fìrinnean dukkha anns gach dòigh a nochdas e, ruighidh sinn nibbāna, an t-suidheachadh inntinn far nach bi dukkha ann tuilleadh.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

Dukkha ann an Traidisean Theravāda

A-rèir Bùdachas Theravāda, tha dukkha a’ ciallachadh “fulangtachd” agus “fulangas” ann an dòigh choitcheann. Chan eil e a’ ciallachadh pian corporra a-mhàinn – tha e nas doimhne na sin. Tha e a’ toirt a-steach an t-strì a tha againn uile ann an t-saoghal caochlaideach, far nach eil dad maireannach no seasmhach.

Mar a dh’innis am Bùda anns an Dhammacakkappavattana Sutta (SN 56.11), tha dukkha na phàirt dhen t-saoghal ‘s bheatha againn:

  • breith is bàs – tha fulangas againn bho thoiseach gu crìch
  • call is dealachadh – nuair a dh’fhàgas sinn na tha gaol againn; nuair a tha sinn ceangailte ris na tha gràin againn
  • miann gun choileanadh – nuair nach fhaigh sinn na tha sinn ag iarraidh, bidh e goirt agus a’ bacadh ar sonais
  • an “mi” fhèin – tha eagal againn ro bhàs, agus tha sinn a’ cumail grèim air rudan nach maireann

Ach chan eil am Bùda ag ràdh gu bheil an t-saoghal dìreach dorch. Tha e a’ teagasg gum faodar dukkha a leigheas tro na Ceithir Fìrinn Uaisle:

1. tha dukkha ann (dukkha)
2. tha adhbhar aige (
samudayataṇhā, no miann)
3. faodaidh sinn saoradh bhuaithe (
nirodha)
4. tha an t-Ochd-shlighe Uasal gar stiùireadh gu saorsa (
magga)

A bharrachd air sin chan eil am Bùda ag ràdh, “Tha beatha cruaidh, dìreach gabh ris!”, ach tha e ag ràdh: “Tha fulangtachd ann agus tha slighe a-mach ann cuideachd.” Ma leigeas sinn dhen “ghrèim air rudan” (upādāna) agus ma dh’ionnsaicheas sinn cothromachd inntinn (upekkhā), faodaidh sinn saorsa bho dukkha a ruighinn – nibbāna.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️