Là Vesākha Sona Dhuibh!

Là Vesākha Sona Dhuibh!

Tha an-diugh (Dìsathairne, 30mh Cèitean 2026), air mìosachan Bùdach Burmais, a’ comharrachadh Là Vesākha, a tha a’ cur cuimhne air breith, dùsgadh, agus bàs a’ Bhùda. Thathar ag ràdh gun do thachair na trì tachartasan seo air a’ ghealach làn de mhìos Vesākha. Mar an latha as naomha ann am Bùdasachd Theravāda, agus tha e air a chomharrachadh le deagh ghnìomhan (leithid: glanadh an teampaill no na manachainn, tabhartas, msaa) agus meòrachadh.

Tha Vesākha a’ cur nar cuimhne gun do rugadh am Bùda mar phrionnsa, gun do dhùisg e fo Chraoibh Bodhi, agus gun d’fhuair e Parinibbāna aig a’ cheann thall. Ach ‘s e prìomh theachdaireachd an latha seo nach e dìreach tachartasan eachdraidheil a th’ annta, ach eisimpleirean dhuinn fhìn. Faodaidh sinne cuideachd ar n‑inntinn a ghlanadh, ar n‑eòlas a leasachadh, agus ar fulangas a thoirt gu crìch.

Tha a’ chiad fhaclan agus na faclan mu dheireadh a bhruidhinn am Bùda air gach turas air an clàradh anns an Tipiṭaka. An dèidh breith a’ Bhùda, thathar ag aithris gun do ghabh am Bùda-ri-thighinn seachd ceumannan1A rèir an Dīgha Nikāya Aṭṭhakathā, tha na h‑ìomhaighean seo meataforach, seach clàradh eachdraidheil: “Tha ‘seasamh air an talamh’ a’ comharrachadh nan ceithir ‘rathaid gu cumhachd’ (iddhipādāni), agus ‘mu choinneimh a tuath’ a’ comharrachadh an t‑sluaigh a bheirear buaidh orra. Tha ‘na seachd ceumannan’ a’ comharrachadh nan seachd meuran-dùsgadh (bojjhaṅgā). Tha am sgàilean-grèine a’ comharrachadh ‘saorsa’. Tha ‘coimhead mun cuairt’ a’ comharrachadh ‘eòlas gun bhacadh’. Tha ‘guth an tairbh’ a’ comharrachadh ‘tionndadh na cuibhle’, agus ‘foillseachadh a bhreith mu dheireadh’ mar ‘ròc an leòmhainn’ Arahantship ri thighinn.” agus gun do labhair e na faclan seo:

An AI generated image of Siddhartha Gotama standing on a lotus flower, right arm raised and index finger pointing towards the sky. Across the water stands his mother under a Sal tree with one lady-in-waiting kneeling at her side, and three others in the background“’S mise ceannard an t-saoghail,
’s mise as sine san t-saoghal,
’s mise as uaisle san t-saoghal.
’S e seo am breith mu dheireadh,
cha bhi ath-bhreith ann tuilleadh2Aggohamasmi lokassa, jeṭṭhohamasmi lokassa, seṭṭhohamasmi lokassa. ayamantimā jāti, natthi dāni punabbhava.3Tha na faclan seo a’ nochdadh dà ammanan anns an t-Suttanta, aon àm anns am Mahāpadāna Sutta (DN 14), agus a-rithist anns an Acchariyaabbhuta Sutta (MN 123). Anns a’ chiad sutta, dh’fhosgail am Bùda am paragraf  leis na facail “Is e an riaghailt, cho luath ’s a rugar am Bodhisatta…”, agus anns an dàrna sutta, “Chuala mi [Ānanda] agus dh’ionnsaich mi seo bhon Fhear-Saora fhèin:…”, agus chrìoch an sutta seo le “Sin na thuirt an t‑urramach Ānanda. Dh’aontaich an Tidsear.” Tha an rann seo cuideachd a’ nochdadh anns na aistean-sgrìobhaidh..”

An dèidh dha an oidhche gu lèir a chur seachad a’ meòrachadh air nàdar agus an fhìrinn ann an diofar dhòighean, agus Nibbāna fhaighinn, dhùisg am Bùda agus thubhairt e na faclan a leanas:

AI generated image of the Buddha sitting under the Bodhi tree“Tro chuairt gun àireamh de bhreith is bàs,
tha mi air siubhal gun lorg fhaighinn
saor an taighe a bha mi a’ sireadh:
air breith agus a’ fulang uair ‘s uair.

“O shaor an taighe, chì mi thu,
cha tog thu taigh as ùr;
Tha na sailean4pañcakkhandhaupādāna; na còig cruinneachaidhean greime agad air fad briste,
an cabar-droma5ta; miann air a sgrios;
Ràinig m’inntinn an neo-chumhaichte,
agus crìoch mhiann air a choileanadh6Dhammapada
“Anekajātisaṁsāraṁ
sandhāvissaṁ anibbisaṁ
gahakārakaṁ gavesanto:
dukkhā jāti punappunaṁ. [153].

Gahakāraka diṭṭhosi!
Puna gehaṁ na kāhasi:
sabbā te phāsukā bhaggā,
gahakūṭaṁ visaṅkhitaṁ,
visaṅkhāragataṁ cittaṁ,
taṇhānaṁ khayam-ajjhagā. [154]
.”

Agus na faclan mu dheireadh a labhair am Bùda mus d’fhuair e Parinibbāna, mar a leanas:

AI generated image of the Buddha lying on his right side, head propped up by a pillow and his right arm, with five monks kneeling in front of him and one monk off to the side standing“Seo ribh, a mhanaich, innsidh mi dhuibh gu tèid gach nì cumhaichte a dholaidh. Dìchillibh gun tionnaradh7Mahāparinibbānasutta DN 16 “Handa dāni, bhikkhave, āmantayāmi vo, vayadhammā saṅkhārā appamādena sampādethā!”!”

Agus mar sin, ge bith càite a bheil sinn air an t‑Slighe, tha Là Vesākha a’ toirt cuireadh dhuinn stad a chur air, smaoineachadh, agus ar cleachdadh ath‑nuadhachadh. ’S e latha airson aoibhneas a bhith ann, airson taingealachd, agus airson ar creideamh a dhèanamh ùr.

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️

  • 1
    A rèir an Dīgha Nikāya Aṭṭhakathā, tha na h‑ìomhaighean seo meataforach, seach clàradh eachdraidheil: “Tha ‘seasamh air an talamh’ a’ comharrachadh nan ceithir ‘rathaid gu cumhachd’ (iddhipādāni), agus ‘mu choinneimh a tuath’ a’ comharrachadh an t‑sluaigh a bheirear buaidh orra. Tha ‘na seachd ceumannan’ a’ comharrachadh nan seachd meuran-dùsgadh (bojjhaṅgā). Tha am sgàilean-grèine a’ comharrachadh ‘saorsa’. Tha ‘coimhead mun cuairt’ a’ comharrachadh ‘eòlas gun bhacadh’. Tha ‘guth an tairbh’ a’ comharrachadh ‘tionndadh na cuibhle’, agus ‘foillseachadh a bhreith mu dheireadh’ mar ‘ròc an leòmhainn’ Arahantship ri thighinn.”
  • 2
    Aggohamasmi lokassa, jeṭṭhohamasmi lokassa, seṭṭhohamasmi lokassa. ayamantimā jāti, natthi dāni punabbhava.
  • 3
    Tha na faclan seo a’ nochdadh dà ammanan anns an t-Suttanta, aon àm anns am Mahāpadāna Sutta (DN 14), agus a-rithist anns an Acchariyaabbhuta Sutta (MN 123). Anns a’ chiad sutta, dh’fhosgail am Bùda am paragraf  leis na facail “Is e an riaghailt, cho luath ’s a rugar am Bodhisatta…”, agus anns an dàrna sutta, “Chuala mi [Ānanda] agus dh’ionnsaich mi seo bhon Fhear-Saora fhèin:…”, agus chrìoch an sutta seo le “Sin na thuirt an t‑urramach Ānanda. Dh’aontaich an Tidsear.” Tha an rann seo cuideachd a’ nochdadh anns na aistean-sgrìobhaidh.
  • 4
    pañcakkhandhaupādāna; na còig cruinneachaidhean greime
  • 5
    ta; miann
  • 6
    Dhammapada
    “Anekajātisaṁsāraṁ
    sandhāvissaṁ anibbisaṁ
    gahakārakaṁ gavesanto:
    dukkhā jāti punappunaṁ. [153].

    Gahakāraka diṭṭhosi!
    Puna gehaṁ na kāhasi:
    sabbā te phāsukā bhaggā,
    gahakūṭaṁ visaṅkhitaṁ,
    visaṅkhāragataṁ cittaṁ,
    taṇhānaṁ khayam-ajjhagā. [154]
  • 7
    Mahāparinibbānasutta DN 16 “Handa dāni, bhikkhave, āmantayāmi vo, vayadhammā saṅkhārā appamādena sampādethā!”

Nibbāna? Parinibbāna?

Tha tòrr air a bhith sgrìobhte mu Nibbāna, agus cha chuir post an seo dad ris an deasbad. Ach shaoil mi gun comharraichinn eadar-dhealachadh eadar an dà shèorsa de Nibbāna: saupādisesa-nibbāna agus anupādisesa-nibbāna, gus eachrais sam bith a dh’fhaodadh a bhith aig luchd-tòiseachaidh mu leughadh anns a’ bhloga seo a ghlanadh.

Tha saupādisesa-nibbāna a’ ciallachadh “Nibbāna le còrr”, ’s e sin, gu bheil neach air Nibbāna a choileanadh ach tha e fhathast beò. Gheibhear an tuairisgeul seo ann an Itivuttaka: Nibbānadhātu Sutta 44:

“Dè, a mhanaich, an earrann Nibbāna le còrr? A-nise tha manach na arahant, aig a bheil na truaillidhean air an sgrios, beatha naomh air a choileanadh, a rinn na b’ fheudar a dhèanamh, a chuir an t‑eallach sìos, a ràinig an t‑amas, a sgrios ceanglaichean a’ bhith, air a shaoradh gu tur tro eòlas deireannach. Ach, tha na còig buadhan aige fhathast gun mhilleadh, agus leotha tha e fhathast a’ faighinn eòlas air nithean tlachdmhor is mì-thlachdmhor agus a’ faireachdainn tlachd is pian. Is e crìoch ana-miann, fuath, agus ceàrr-thuigsinn ann; ‘s e seo a canar ris an earrann Nibbāna le còrr.”

’S e an teirm eile a tha a’ dèanamh eadar-dhealachadh air na sèorsa Nibbāna anupādisesa-nibbāna, a tha a’ ciallachadh “Nibbāna gun chòrr”, no Nibbāna an dèidh bàs a’ chuirp. A-rithist bhon Itivuttaka: Nibbānadhātu Sutta 44:

“Nise, dè, a mhanaich, an earrann Nibbāna gun chòrr? A-nise tha manach na arahant, aig a bheil na truaillidhean air an sgrios, beatha naomh air a coileanadh, a rinn na b’ fheudar a dhèanamh, a chuir an t‑eallach sìos, a ràinig an t‑amas, a sgrios ceanglaichean a’ bhith, air a shaoradh gu tur tro eòlas deireannach. Dha-san, an seo anns a’ bheatha seo fhèin, thèid a h‑uile rud a tha air a eòlas, gun a bhith a’ gabhail tlachd ann, a chur às. ‘S e sin, a mhanaich, a canar ris an earrann Nibbāna gun chòrr.”

Gu sìmplidh, ’s e Nibbāna le còrr an staid Nibbāna fhad ’s a tha an duine fhathast beò, agus ’s e Nibbāna gun chòrr an staid Nibbāna nuair a tha an duine air bàsachadh – canar Parinibbāna ris cuideachd. Mar sin, nuair a leughas tu “Parinibbāna”, (mar as trice chan eil e air a chleachdadh ach airson a’ Bhùda) tha sin a’ ciallachadh an dèidh bàs a chuirp chorporra.

A bheil sin cudromach? Chan eil. Ach dh’fhaodadh cuideigin a tha ùr don Dhamma a bhith air troimhe-a-chèille leis na teirmean sin uile, agus mar sin shaoil mi gum b’ fhiach an eadar-dhealachaidhean a nochdadh. Bu chòir deasbad nas doimhne a dhèanamh air Nibbāna fhèin, ach gu fìrinneach, tha e nas fhaide na mo bhriathrachas is mo ghràmar Gàidhlig cuibhrichte!

☸️ Gum faigh sinn uile saorsa bho dukkha ☸️